Laoidh Nollaig Gàidhlig a bheir cobhair do dh’fhògarraich Siria
Gaol an cridhe a’ bhaile – Def Leppard agus Whitesnake beò
Taistealach gaisgeil nan speuran
Cha do chuir sian dragh orm chun an latha ud. Nuair a chaidh mo shaoghal a-mach á sealladh. Dh’fhaodainn fhalach le aon chorrag, na daoine, dòchas, àmhghar, cogadh, gaol, a’ dannsa air mo làmh.
A’ bualadh a’ chòrr ás an uisge
Muinntir Hirt – tha na briathran math, ach tha dealbhan nas dramàtaiche ann
Tha an saoghal seo làn annasan. Chuir Birlinn leabhar thugainn a bha a’ coimhead gasta, gun teagamh. Roger Hutchinson, St Kilda: A People’s History (Birlinn, còmhdach-cruaidh £20). Ah, arsa mise an toiseach, leabhar eile mu Hiort. Nach deach na ceudan dhiubh a sgrìobhadh. Nach do rannsaich Màiri Harman, gu sònraichte, a h-uile cùil agus cèal de dh’eachdraidh an eilein anns an leabhar aicese An Isle called Hirte: History and Culture of the St Kildans to 1930, a thàinig a-mach ann an 1997?

Stoidhle Samba – bho Easter Road gu Rio
“Bha mi uabhasach fortanach gun robh an cothrom agam coinneachadh ri Lawrie Reilly, ri Eddie Turnbull agus ri Willie Ormond ach gu mì-fhortanach chaidh mo thilgeil a-mach à na taighean-seinnse aca gu lèir! Bidh daoine a’ bruidhinn air an ‘hat-trick’ de chasan briste a bh’aig Willie Ormond – uill, se an treas-tarraing agamsa gun deach mo thilgeil a-mach à trì de na taighean-seinnse a bh’aig a’ Chòignear Chliùiteach…” Sin a’ chuimhne a tha aig Irvine Welsh, ùghdar ainmeil ‘Trainspotting’ agus neach-leantainn dìleas Hibernian FC, air a’ cheangal riaslach a bh’aige na òige le laoich mhòra an sgioba ball-coise aige - am ‘Famous Five’.

Cuimhneachan - Bàrdachd is Òrain a’ Chiad Chogaidh
Bha Niall Dòmhnallach, Niall a’ Ghobha, à Grèinetobht, Uibhist a’ Tuath air cosnadh a dhèanamh dha fhèin mar thàilleir air tìr-mòr nuair a thòisich a’ Chiad Chogadh ann an 1914.
Google Translate to add 13 new languages including Gaelic
GOOGLE has announced that Gaelic will be among 13 new languages to be added to its translation site.
A guide to the dialects and words of Scotland’s regions
While Scotland’s official language is English, the nation has at least four main dialect regions scattered across the country - with several different permutations of Scots existing today.
A’ togail tàlant an ath ghinealaich aig Cuirm Dhuaisean FilmG 2016
Tha sgeulachdan agus beul-aithris a-riamh air a bhith prìseil ann an eachdraidh nan Gàidheal. Tha sgeulachdan fhathast cudromach do ghinealach òg an latha an-diugh, ach ’s ann tro chleachdaidhean ùra, leithid YouTube, Snapchat, Instagram agus na meadhanan didseatach eile, a thèid an cuid sgeulachdan innse. Ge-tà, an i a’ Ghàidhlig an cànan a bhios ri faicinn agus ri cluinntinn sa choimhearsnachd ùir air-loidhne a th’ aca?
Òige Thormoid Nèill Mhóir fon ghloine
Mar as sine a tha mi a’ fàs, sann as motha a tha mo smuaintean a’ tilleadh, mar a tha nàdarra, gu làithean m’ òige ann an Glascho, gu h-àraidh nuair a tha na smuaintean sin air am brosnachadh le leabhar math mar Norman Maclean, Eavesdropping on Myself: An Outsider’s Boyhood in Glasgow (Grace Note, £8.50). Oir chan ann on taobh a-muigh a bha mise idir. Thàinig mo sheanair dhan bhaile bho Shiorrachd Chille Chaoibrig timcheall air 1850, a dh’obair mar ghàirnealair do thaigh mór air bruach abhainn Cart.

Coimhead a-mach tha Shrapnel a’ Tighinn!
Dèanaibh ullachadh mu choinneamh Shrapnel! Dealbh-chluich ùir, Ghàidhlig a thòisich an Glaschu an t-seachdain-sa agus a tha a’ dol air chuairt air feadh Alba thairis air a’ Mhàrt agus a-steach don Ghiblean.
Tha crodh aig cridhe nan òran againn
Se leabhar gu math mór a th’ ann an Ri Luinneig mun Chrò: Crodh ann am Beatha agus Dualchas nan Gàidheal le Seònaid Ghriogair (Grace Note, £20). Tha còrr math agus 400 taobh-duilleig ann, ach cho luath ’s a dh’fhosglas tu e thig e thugad gu bheil òrain agus dàin a’ toirt suas mu 250 dhiubh – bho ‘M’ Iteagan is m’ Eòin is m’ Uighean’ (àir. 1) gu ‘Crò Chinn t-Sàile’ (àir. 296), air an roinn ’nan deich earrannan.
Lìonaibh ur glainneachan: Tìr nam Beann, an Leann, ’s nan Gaisgeach!
Na bodaich cruinn còmhla mun bhòrd agus dramaichean a’ dol timcheall, botal uisge-bheatha ga thràghadh, agus ùidh ar n-ùidh an làn-aighear a’ tionndadh gu leann-dubh: siud an dealbh àbhaisteach a bhios againn de dhòigh dèiligidh nan Gàidheal ris an deoch làidir. Ach an dùil a bheil sgeul eile ri innse, sgeul gu tur eadar-dhealaichte? Anns na linntean a dh’aom, dè seòrsa sùgh an eòrna am b’ fheàrr leis na Gàidheil co-dhiù: tè mhòr gharg – no pinnt copach leanna?
Bàrdachd ’na saiceòlas cogaidh
Tha dàimh shònraichte eadar cogadh agus bàrdachd, ’s tha siud air a dhearbhadh ann am Beneath Troubled Skies: Poems of Scotland at War, 1914–1918, deasaichte le Lizzie MacGregor (Scottish Poetry Library/ Poly-gon, £12.99). Tha bàrdachd ann sna trì chànanan: Beurla; Albais (le faclan doirbh air am mìneachadh); Gàidhlig (le dreach Beurla mu coinneamh).

Beachd Éireannach air Burns, làn blàths, làn beul-aithris, làn Gàidhlig
“O wad some Power the giftie gie us, tae see oursels as ithers see us.” Se File Náisiúnta na hAlban, Rabbie Burns: An Nasc le hÉirinn, le Pádraig Ó Baoighill (Coiscéim, £15) a’ ghibht mun do labhair am bàrd.
Iapan ag ionnsachadh leasanan 30 bliadhna an dèidh Chernobyl
Trithead bliadhna air ais air latha Earraich, spreadh reactar niùclasach, ann am baile Pirpyat san Ucràin, air taobh thall an t-saoghail. Dh’aom tomhas eagalach agus mairbhteach de rèididheachd bheò dhan iarmailt agus sgap e leis a‘ ghaoith. Ann am beagan làithean bha an truailleadh neo-fhaicsinneach air sgaoileadh tarsainn na Roinn Eòrpa.
Beachd Éireannach air Burns, làn blàths, làn beul-aithris, làn Gàidhlig
“O wad some Power the giftie gie us, tae see oursels as ithers see us.” Se File Náisiúnta na hAlban, Rabbie Burns: An Nasc le hÉirinn, le Pádraig Ó Baoighill (Coiscéim, £15) a’ ghibht mun do labhair am bàrd.
Cothrom air sùil a thoirt air ceist nan oighreachdan mòra air chall
Tha ITV air tòiseachadh bho chionn greiseig ag ath-chraoladh sreath de phrògraman aithriseach air a bheil an t-ainm Scotland’s Great Estates.
‘An Linne’ - Cuimhneachan 100 Bliadhna Jon Schueler
Bithear a’ comharrachadh obair an neach-ealain iomraitich, Jon Schueler, am-bliadhna air feadh Alba, Bhreatainn agus nan Stàitean Aonaichte le sreath thaisbeanaidhean. Am measg nan tachartasan sin, bidh co-labhairt is taisbeanadh eadar-nàiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig.